Brath fios mu phròiseact ùr!

Brath fios mu phròiseact ùr! | New project announcement!
Tha sinn toilichte innse gu bheil sinn ag obair gus pròiseact ùr a chur air bhonn, le taic bho Raghnaid Sandilands – cuireadh gus sùil a thoirt air na dòighean sa bheil daimhean ris an tìr air am mealadh bho shealladh na Gàidhlig. Tha sinn an dòchas farsaingeachd sgrìobhaidh is ealain a thoirt fa chomhair luchd-leughaidh; guthan eòlach is cruthachail, an dà chuid aithnichte agus ùr. Tha Maoin nan Ealan Gàidhlig, the Highland Bookshop agus Wildland a’ tabhann taic maoineachaidh.
Thig am pròiseact gu ceann leis a’ chiad leabhran foillsichte aig ‘Creatives’, anns am bi sgrìobhaidhean ùra sa Ghàidhlig le tionndadh Beurla nan cois, a thuilleadh air obair ealain. Tha sinn a’ cur romhainn gum bi cuir air bhog agus bùth-obrach againn aig Fèis nam Beann anns a’ Ghearastan sa Ghearran an ath-bhliadhna. Cumaibh cluas ri claisneachd!
We’re delighted to announce that, working with Raghnaid Sandilands, we’re launching a new and exciting project to explore the ideas of connection and place from a Gaelic world view. Supported by the Gaelic Arts Fund, the Highland Bookshop and Wildland, the project will be rooted within the Scottish landscape, told from the perspectives of a broad range of new and known creative voices.
The project will culminate in the first print publication to come out of Creatives, featuring new Gaelic writing and illustration with English translation, and a workshop at the Fort William Mountain Festival in February next year. Watch this space for more.